Guestbook Playlists
Obnov stránku
Desktop verze
Horní menu

Tuireadh Bàrd Thùrnaig - lyrics

playlist

fo thomain ghorm ùrach
sa cheàrnaig bheag chùbhraidh
ann an cladh Abhainn Iù
tha Bàrd Thùrnaig aig tàmh

cha dhùisg e, cha dhùisg e
à leabaidh chaol dhùinte
's tha dhìlsean trom tùrsach
ag ionndrainn a' Bhàird

nuair laigh an t-seann aois air
cha b' ait dha an saoghal
sgil lèighean chlann-daoine
cha shaoradh on bhàs

chuir e gu buil bhuadhmhor
an tàlann a fhuair e
ga cleachdadh gu suairce
le huaisleachd a ghnàth

an seirbheiseach dìleas
an t-aoghaire 's an cìobair
bu luaithe a dhìreadh
ri mill nam beann àrd

's aig crìoch a chuid sgrìoban
a chuireadh an sgrìobhadh
na bh' aige san inntinn
'son innseadh do chàch

Lyrics was added by hovnocucvosa

Lyrics was corrected by hovnocucvosa

Video was added by hovnocucvosa


Òg-Mhadainn Shamhraidh

Kathleen MacInneslyrics